An Iapan

Context of An Iapan

'S e dùthaich eileanach a th' ann an Iapan (Iapanais: 日本 Nihon no Nippon, 日本国 Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil; uaireannan an t-Seapan sa Ghàidhlig) suidhichte far oirthir Àisia an Ear. Tha na prìomh eileanan - Hokkaidō, Honshū, Shikoku, Kyūshū agus Okinawa - am measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu lèir gan cumail dhaibh fhèin. Tha a' chuid as motha dhiubh beanntach, agus mòran dhiubh bholcànach; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as àirde, Beinn Fuji. Tha an Iapan an ear air Sìona, Coirea 's an Ruis anns a' Chuan Sèimh, a' sìneadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sìneach an Ear san taobh a deas. A thaobh àireamh-shluaigh, 's i an deicheamh dhùthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgìre Mhòr Tokyo an sgìre àrd-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-còmhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach prìomh-...Leugh an corr

'S e dùthaich eileanach a th' ann an Iapan (Iapanais: 日本 Nihon no Nippon, 日本国 Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil; uaireannan an t-Seapan sa Ghàidhlig) suidhichte far oirthir Àisia an Ear. Tha na prìomh eileanan - Hokkaidō, Honshū, Shikoku, Kyūshū agus Okinawa - am measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu lèir gan cumail dhaibh fhèin. Tha a' chuid as motha dhiubh beanntach, agus mòran dhiubh bholcànach; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as àirde, Beinn Fuji. Tha an Iapan an ear air Sìona, Coirea 's an Ruis anns a' Chuan Sèimh, a' sìneadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sìneach an Ear san taobh a deas. A thaobh àireamh-shluaigh, 's i an deicheamh dhùthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgìre Mhòr Tokyo an sgìre àrd-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-còmhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach prìomh-bhaile Thokyo agus cuid de na sgìrean mun chuairt air.

Map